[go: up one dir, main page]
More Web Proxy on the site http://driver.im/Jump to content

Teàrlach I

O Uicipeid
Teàrlach I
Duke of York (en) Translate

6 dhen Fhaoilleach 1605 - 27 dhen Mhàrt 1625
monarc Shasainn

27 dhen Mhàrt 1625 - 30 dhen Fhaoilleach 1649
Seumas VI na h-Alba is Seumas I Shasainn - Teàrlach II
monarc na h-Alba

27 dhen Mhàrt 1625 - 30 dhen Fhaoilleach 1649
Seumas VI na h-Alba is Seumas I Shasainn - Teàrlach II
monarc na h-Èireann

27 dhen Mhàrt 1625 - 30 dhen Fhaoilleach 1649
Beatha
Breith Lùchairt Dhùn Phàrlain agus Dùn Phàrlain, 19 dhen t-Samhain 1600 (Julian)
Dùthaich  Rìoghachd Shasainn
Bàs Lunnainn, 30 dhen Fhaoilleach 1649 (Julian)
Àite-adhlacaidh Seipeal Naomh Seòras
Nàdar a’ bhàis peanas bàis (dì-cheannachadh)
Teaghlach
Athair Seumas VI na h-Alba is Seumas I Shasainn
Màthair Anna na Danmhairg
Cèile Henrietta Maria of France (en) Translate  (13 dhen Ògmhios 1625 -
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Fine Taigh nan Stiùbhartach
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, cruinniche ealain agus monarc
Àitichean-obrach Lunnainn
Duaisean a fhuaras
Tèarmann
30 am Faoilleach
Creideamh
Creideamh Anglachas
Eaglais Chaitligeach

Ged a rugadh e ann an Alba, chaidh Teàrlach Stiùbhart a thoirt gu deas na naoidhean ann an 1603, nuair a shealbhaich athair, Seumas VI Alba, crùn Shasainn ann an Aonadh nan Crùintean.

Bha e na ghille beag lapach, agus cha robh mòran a' cur suim ann an coimeas ri a bhràthair a bu shine, am Prionnsa Eanraig - oighre Rìgh Sheumais. Ach nuair a chaochail am Prionnsa Eanraig is gun e ach òg (1612), fhuair Teàrlach e fhèin aig teas-meadhain a' ghnothaich mar oighre nan trì duthchannan - Sasainn, Alba is Èirinn.

Dh'fhàs e suas bhon uair sin a' làn-chreidsinn gun tugadh còraichean-riaghlaidh dha le Dia. Mar dhuine bha e caran fad às na dhòigh, agus gu pearsanta bhiodh e a-riamh a' taobhadh ris an eaglais pàpanach. Dh'fhàg siud mòran dhuilgheadasan na rathad, agus chaidh e fhèin agus a phàrlamaidean a-mach air a-chèile - Pàrlamaid Alba an toiseach, an uair sin Pàrlamaid Shasainn. Lean siud gu Cogaidhean nan trì Rìoghachdan, agus Cogadh Sìobhalta Shasainn far an robh a' bhuaidh aig Co-fhlaitheas Shasainn aig a' cheann thall. Chaidh Teàrlach a thoirt am bruid na phrìosanach, agus chaidh a chur gu bàs ann an 1647 fo òrdugh Oliver Cromwell às leth Co-fhlaitheas Shasainn.


Teàrlach I mar a nochd e ro na cogaidhean a thug latha na dunachd air