[go: up one dir, main page]
More Web Proxy on the site http://driver.im/Jump to content

Zuera

O Uicipeid
Zuera
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Zaragoza
Sgìre Aragón
Co-chomharran 41° 52' 09 Tuath
00° 47' 17 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 332.25 km²
Àireamh-shluaigh 7,978 (2010)
Dlùths 24.01/km²
Àireamh fòn + 34 965
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile beag anns an Spàinn a tha ann an Zuera (IPA: θweɾa, Catalanais: Suera). Tha e suidhichte aig 279m os cionn ìre na mara ri taobh na h-aibhne Gállegos, air an àirde an ear-dheas na dùthcha, dìreach air iomall Zaragoza san roinn Aragón. Dh'ath-cheannsaich na Spàinntich am baile ann an 1180. Bu làidir a bhuaidh a thug Cogadh Sìobhalta na Spàinne (1936 - 1939) air Zuera: bha am baile ann an meadhan a' chogaidh fad na h-ùine agus chaill mòran am beatha.[1]

Freumhan an ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha e coltach gur ann à Zubi (drochaid) ann am Basgais a tha an t-ainm, leis gu bheil Dùthaich nam Basgach faisg air làimh agus an sgìre air fad fo buaidh nam Basgach an dèidh nan Ròmanach. A dh'aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann às an Arabais zuhayra[2] (àlainn) a tha an t-ainm. Chanadh Gallicum ris nuair a bha na Ròmanaich làidir san Spàinn.

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. SIPCA
  2. Enciclopedia Aragonesa
  3. Cultura Científica
  4. La Dépêche