[go: up one dir, main page]
More Web Proxy on the site http://driver.im/Jump to content

Sumy (Sumska Oblast)

O Uicipeid
Sumy
Суми
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Ucràin
Ceàrn Sumska Oblast
Co-chomharran 50° 55 00' Tuath
34° 45 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 145 km²
Àireamh-shluaigh 259,660 (2021)
Dlùths 1,790.76/km²
Àireamh fòn + 380 542
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile mòr suidhichte eadar Chernihiv agus Kharkiv anns An Ucràin a th' ann an Sumy (Ucràinis: Суми, IPA: ˈsumɪ). Tha e suidhichte air an àirde an ear-thuath na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Psel, san roinn Sumska Oblast. Tha 259,660 duine a' fuireach ann. Chan eil na crìochan leis An Ruis ach 50km air falbh on bhaile.

Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1652 air neo 1655 le Herasym Kondratyev agus bhuinneadh e dhan roinn Slobozhanshchyna anns na 17mh Linn agus 18mh Linn, air crìochan a deas Iompaireachd na Ruise. Ann an 1991, thàinig Sumy gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine. Anns na ciad làithean dhen ionnsaigh na Ruise air an Ucràin ann an 2022, chunnaic am baile sabaid mhòr eadar luchd-ionnsaigh Ruiseanach agus luchd-dìon na h-Ucràine, agus am baile air a chuairteachadh le saighdearan Ruiseanach. Air 9 am Màrt 2022, dh’ fhàg 44,000 neach Sumy ann an 10,000 càr prìobhaideach agus 85 busaichean. Tràth sa Ghiblean 2022, thàinig am baile-mòr agus an sgìre mun cuairt fo smachd Arm na h-Ucràine a-rithist às deidh do fheachdan na Ruise am baile fhàgail.[1]

Eòlas-sluaigh

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2021, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Sumy a' bruidhinn (77.29%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis (20.35%).[2]

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Kanal 24
  2. Ukcensus

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]