[go: up one dir, main page]
More Web Proxy on the site http://driver.im/Jump to content

Mohammed

O Uicipeid
Mohammed
Beatha
Breith Mecca, 20 dhen Ghiblean 571
Àite-fuirich Mecca
Medina (en) Translate
Cinneadh Arabach
Ciad chànan Arabais
Bàs Medina (en) Translate, 8 dhen Ògmhios 632
Àite-adhlacaidh Sacred Prophetic Chamber (en) Translate
Teaghlach
Athair Abdullah ibn Abdul-Muttalib
Màthair Aminah
Cèile Khadija bint Khuwaylid (en) Translate  (595 -  619)
Sawda bint Zamʿa (en) Translate  (619 -  632)
Aisha (en) Translate  (619 -  632)
Hafsa bint Umar ibn Al-Khattab (en) Translate  (624 -  632)
Zaynab bint Khuzayma (en) Translate  (625 -  627)
Zaynab bint Jahsh (en) Translate  (627 -  632)
Juwayriyya bint al-Harith (en) Translate  (628 -  632)
Ramla bint Abi Sufyan (en) Translate  (628 -  632)
Rayhana bint Zayd ibn ʿAmr (en) Translate  (629 -  631)
Safiyya bint Huyayy (en) Translate  (629 -  632)
Umm Salama (en) Translate  (629 -  632)
Maria al-Qibtiyya (en) Translate  (630 -  632)
Maymunah bint al-Harith (en) Translate  (630 -  632)
Clann
Sinnsirean
Fine Banu Hashim (en) Translate
Foghlam
Cànain Arabais
Oileanaich Anas ibn Malik (en) Translate
Abd Allah ibn Abbas (en) Translate
Uqbah ibn Amir (en) Translate
Zayd ibn Thabit (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd buachaille, consignor (en) Translate, marsanta, fàidh, searmonaiche, neach-poileataigs agus ceannard airm
Seirbheis san arm
Strì Expeditions of Muhammad (en) Translate
Blàr Badr
Blàr Uhud
Blàr na Trainnse
Blàr Khaybar
Blàr Hunayn
Blàr Tabouk
Creideamh
Creideamh Hanif (en) Translate
Ioslam
"Miraj" (Muhammad's ascent), dealbh le Sultan Muhammad ann an "Khamsa of Nizami" (1539-43)

Muhammad (Arabais: محمد‎ muḥammad); rugadh mu 570, bhàsaich air 8 an t-Ògmhios 632). ’S e Muhammad (ainm slàn: Muhammad ibn Abdullah (a’ ciallachadh "Muhammad mac Abdullah")), an neach a stèidhich an creideamh Ioslam - an dara creideamh as motha anns an t-saoghal às dèidh Crìosdaidheachd. Tha sluagh Ioslam, na Moslamaich, a’ creideamh gur e am Fàidh mu dheireadh a bh' ann am Muhammad agus gur e an leabhar, an Churàn, facal Dhè a chaidh innis do Mhuhammad tron Aingeal Gabrial.

Tha pailteas de sgrìobhaidhean agus ràdhan againn a tha dèiligeadh le beatha Muhammad. Nam measg ’s e an fhear is ainmeil eachdraidh-beatha a chaidh a chruthachadh anns an 8mh linn le sgoileir den ainm Ibn Ishaq.

Toiseach beatha agus Mecca

[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh Muhammad timcheall air a’ bhliadhna 570 AC gu treubh Arabach den ainm Quraysh ann an taobh a deas sgìre Hijaz. ’S e teaghlach uasal a bh' annta agus mu chòig ginealach ro Muhammad fhuair iad smachd air baile Mhecca agus, fon shinn-seanair aige, chaidh an àite a stèidheachadh mar aon de na prìomh bhailtean airson malairt anns an Ear-Mheadhan le càirdeas ri Impireachd an Roimh còrdaidhean le na dùthchannan eile mun cuairt – Impireachd Phearsia agus na Rìoghachdan ann an Yemen agus an Itiop. Agus ’s ann mar seo a chaidh an coimhearsnachd ris am buineadh Muhammad, le marsantachd fìor aig a chridhe, a chuir air dòigh.

Ged a rugadh e ann an 570 AC cha do ghabh e dreuchd mar fhàidh gu 610 nuair a bha e mu 40 bliadhna a dh’aois. Anns na bliadhnachan ron a sin cha robh beatha annasach aige idir. Bhàsaich athair mus deach a bhreith agus bhàsaich a mhàthair nuair a 's e pàistean a bh' ann fhathast. Mar sin chuir e seachad a òigridh a’ fuireach le bràthair-athar, duine den ainm Abu Talib. Nuair a ràinig e 25 fhuair e obair a’ coimhead an dèidh carabhan le banntrach beartach agus an dèidh greis phòs iad.

Ged is e pàganachd an seòrsa creideimh a bu chumanta ann an Arabia aig an àm a bha seo, bha gu leòr, gu h-àraidh ann an taobh a tuath na sgìre, a chumadh ris an creideamh Chrìosdaidh anns a' chruth Nestorian no Monophysite. Gu dearbh, ’s ann mar àite aon-diathach a chaidh Mecca a stèidheachadh ged a bha e air tilleadh gu creideamh pàganach mun àm a rugadh Muhammad.

Taisbeanadh

[deasaich | deasaich an tùs]

Bhiodh Muhammad a cuir seachad aon mìos sa bhliadhna seachad air Beinn Hira’ – cleachdadh pàganach a bha cumanta aig an àm. Aon oidhche agus e a cadal air a' bheinn chunnaic e an aingeal Gabriel, a dh’èigh ris “Ath-innse!” (recite!)

Anns na bliadhnachan a lean se Gabriel a bhiodh a toirt na ràdhan a chruthaicheadh an Quran agus an creideamh Muslamach do Mhuhammad. Ach, aig an àm, bha seo a cuir dragh mòr air agus airson greis bha eagal air gun ro e air a chiall a chall agus gun ro diabhail a choireigin ga phianadh. Ach, mu dheireadh, ghabh e ris an dreuchd. Chuir e seachad an ath deich, còig deug bliadhna a fuireach ann am Mecca a toirt seachad ràdhan ùr agus a teagaisg na bha a creideamh.

A’ sgaoileadh a chreideamh agus Hijra

[deasaich | deasaich an tùs]

An toiseach cha robh duine a’ leantainn Muhammad ach a theaghlach fhèin agus fad timcheall air trì bliadhna cha robh ann ach rud prìobhaideach, pearsanta. Ach an dèidh greis chaidh cantainn ris a chreideamh a sgaoileadh a-measg an t-sluaigh mhòir. Cha robh seo a’ cuir dragh air na pàganaich ann am Mecca an toiseach (agus 's iad a mhòrchuid anns am baile fhathast) agus iad ag ràdh nach robh adhbhar sam bith ann nach fhaodadh duine creideamh a thaghadh dha fhèin mar a thogradh e. Ged a chaidh a chàineadh rud beag cha robh cus trioblaid aig Muhammad gus an do thòisich e a magadh nan diathan pàganach a bhuineadh ris a’ choimhearsnachd fhèin. Bhris an càirdeas sìos a bh' ann eadar na diofar threubhan agus theich buidheann de na Muslamaich gus an Itiop ach dh’fhuirich Muhammad fhèin ann am Mecca agus e sàbhailte air cùlaibh cumhachd bràthair athar – Abu Talib. Ach chaochail Abu Talib agus bha aig Muhammad coimhead airson taic an àiteigin eile. Chuir e greis seachad a’ siubhail bho àite gu àite a’ sireadh taice bho dhiofar threubhan ach cha deach leis gus an do choinnich e ri buidheann bho bhaile Medina. Chuir e cuireadh thuca suidhe leis. Dh’fhoillsich e a chreideamh aige agus ghabh iad ris – bha seann choimhearsnachd Iùdhach stèidhichte ann am Medina agus mar sin, ged is e pàganaich a bh' annta, bha na Arabaich a bhuineadh ris an àite nas eòlaiche, agus mar sin nas fosgailte, do ràdhan aon-diathach den t-seòrsa a bha Muhammad a’ teagaisg. Dh’iarr iad air a thighinn dhachaidh còmhla riutha agus iad ag ràdh:

"mu ruigeas ar daoine aonadh fo Dhia, cha bhi neach ann a tha nas cumhachdach na thu"

Agus an dèidh dhaibh cùmhnant a dhèanamh dh’òrdaich Muhammad air an luchd-leantainn aige gluasad bho Mecca gu Medina. ‘S e an “Hijra” an t-ainm a th' aig na Muslamaich air a’ chuairt seo agus tha an mìosachan Muslamaich a’ tòiseachadh bho bhliadhna an Hijra – 622 AC.

Stèidhichte ann am Medina mar ceannard chuir Muhammad air dhòigh riaghailtean sòisealach, poilitigeach agus laghail a chaidh a chruinneachadh mar rud ris an canar a-nis “Cùmhnant Mhedina”. Tha an aithisg seo a foillseachadh gu bheil coimhearsnachd de dhaoine ann a tha a leantainn Muhammad – se an “umma” an ainm aca. Tha e cuideachd a cuir air adhart inbhe Muhammad mar am prìomh cumhachd anns an coimhearsnachd agus gum beachdadh esan (agus troimhe, Dia) air argamaid no comh-strì sam bith a-measg nan daoine. Cha do ghabh a h-uile duine ris an cùmhnant ùr. Dh’agallaidh Muhammad na Iùdhaich anns an sgìre agus chaidh an càirdeas eatarra a shàrachadh le feadhainn de na treubhan air an tilgeil a mach as am baile. Chrìochnaich an sabaid nuair a chuir Muhammad a h-uile fìrinneach ann an treubh Iùdhach den ainm Banu Qurayza (Clann Qurayza) gu bàs agus rinn e tràillean de na boireannaich agus clann aca. An dèidh seo cha ro àite ann an coimhearsnachd ùr Mhuhammad airson nan Iùdhaich.

Cogadh agus smachd air Arabia

[deasaich | deasaich an tùs]

'S e am prìomh chur-seachd de àm Muhammad ann am Medina cogadh. Thairis air ochd bliadhna bha cogadh ann eadar Medina, le Muhammad os a chionn, agus baile Mhecca a bha air eilthireach a dhèanamh dhe. Mu dheireadh rinn Muhammad a chùis agus fhuair e smachd air a' bhaile anns an do rugadh agus thogadh e. Anns an ùine seo chan ann a-mhàin an aghaidh Mecca a bha e a' sabaid; fhuair e buaidh air iomadach threubh eile – Iùdhach agus Arabach. A-rèir eachdraidh an t-saoghail air fad 's e an rud as cudromaiche a thachair anns an àm a tha seo gun do thionndaidh Muhammad a shùil gu tuath, seachad air crìochan Arabia. Bha e an dòchas ionnsaigh a dhèanamh air Ìmpireachd an Roimh ach bhàsaich e mus d’fhuair e an cothrom, agus e a fàgail 9 mnathan agus aon choileabach air a chùlaibh. Ach, mu ginealach an dèidh dha caochladh bha an luchd-leantainn aige air cuir às don an Ìmpireachd aosmhor aig Persia agus smachd fhaighinn air a chuid mhòr do dh'Ìmpireachd an Ròimh agus 's ann mar seo a chaidh an Ear-mheadhanach air a bheil sinn eòlach an diugh a chruthachadh.

Aistidhean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]