[go: up one dir, main page]
More Web Proxy on the site http://driver.im/Jump to content

Lia Fàil

O Uicipeid
An Lia Fhàil: Suidhichte fo cathair coisrigidh na Sasainn ann an 1855

Is clach coisrigidh Rìghrean na h-Alba a tha anns an Lia Fàil (no Clach Sgàin). B’ àbhaist do rìghrean na h-Alba a shuidhe air an Lia Fhàil rè an coisrigeadh.

Cruth an Lia Fhàil

[deasaich | deasaich an tùs]

Is leac de clach-shaor ruadh a tha ann, uidheamaichte le fàinne iarainn air gach ceann.

Tha tràth eachdraidh An Lia Fhail caillte ann an ro-eachdraidh na h-Alba. Is coltach gu robh e na clach coisrigidh do Rìghrean Dail Riada mus deach Alba aontachadh mar dhùthaich. Anns na meadhan aoisean, b' àbhaist do Rìghrean ur na h-Alba a bhi coisrigte aig Mainistir Sgàin, faisg air a' Pheairt agus bha i na laighe an eaglais a' mhainistir. B'e Am Peairt na chiad phrìomh-bhaile na h-Alba. Chaidh goid air a' cloiche le Eideard I na Sasainn ann an 1296 agus chaidh a chuir ann an cathair coisrigidh na Sasainn, far an do dh'fhan i gus 1951, nuair a chaidh an saoradh le buidheann beag de oileanaich tìr-gràdhach Albannach. Chaidh a' clach air chuairt, caillte do na h-ùghdarrasan, airson grunnan mìosan mus an do nochd e air altair Mainistir Obar Bhrothaig. Chaidh an toirt air ais ri Lunnainn a-rithist, far an do dh'fhan e gu 1996. Anns a' bhliadhna sin, dh'aontaich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gum bu chòir don leac fhuirich an Albann ach an uair a bha feum air airson coisrigeadh Rìgh (neo ban-righinn). Tha A' Chlach a nis ri fhaicinn aig Caisteal Dùn Èideann.

Ainmean eile

[deasaich | deasaich an tùs]

Is gann gun cuir na Gaidheal ainm air bith air a' clach ach An Lia Fhàil, ged a tha i ainmichte fo riochd "A 'Chlach" , ann an Òrain na Cloiche, a chaidh air dèanamh tràth 's na 1950an a cheilearaich saoradh na cloiche. Air barrachd, tha an t-ainm Clach na Ceanamhainn clàraichte anns an fhaclair aig Dwelly, leis an fhiosrachadh gun tàinig an t-ainm seo bho seann chreideamh Albannach gum bitheadh fear do shloighne Albannach a' riaghladh àite sam bith a bhitheadh a' chlach air an cumail.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]