[go: up one dir, main page]
More Web Proxy on the site http://driver.im/Jump to content

Innis-mhuir

O Uicipeid
An Innis-mhuir ann am Braisil

'S e buidheann eileanan, creagan, sgeirean agus pìosan beaga tìre eile air an cuairteachadh le uisge a th' ann an Innis-mhuir[1] (Breatannais: Enezeg, Cuimris: Ynysfor, Gàidhlig Mhanainn: Ellanragh, Gaeilge: oileánra). Chithear innis-mharannan an dà chuid fad air falbh bhon tìr air neo faisg air tìrean mòra.[2] Mar eisimpleir, tha còrr is 700 eilean air feadh Alba agus 's e innis-mhuir a th' annta uile gu lèir. 'S ann à gnìomhachd bhòlcanach a tha iomadh innis-mhuir, le sreathan eileanan air an cruthachadh far a bheil sòn dol-fodha no àiteachan ruigheachd, ach cuideachd 's e bleith-thalmhainn, tasgadh-tìre agus àrdachadh-tìre a tha air cùl gnothaich. 'S ann à gnìomhachd bhòlcanach a tha a' mhòr-chuid nan innis-mhuir sa chuan. Daonnan buinidh pìosan beaga tìre do thìrean mòra air am briseadh air falbh air sàilleabh ghluasadan teagtonaigeach. Mu dheireadh thall, thathar dhen bheachd gur e innis-mharannan a th' ann buidhnean eileanan a tha suidhichte ann an aon sgeilp mhòr-thìreach. 'S e innis-mharannan a th' ann An Innd-Innse, An Iapan, Na h-Eileanan Filipineach, Sealainn Nuadh, Èirinn, Breatainn, Na h-Eileanan Bhathama, A' Ghrèig, Hawaii, Açores agus Eabhraig Nuadh. 'S e An Innd-Innse a th' anns an Innis-mhuir as motha na cruinne.[3]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Riaghaltas na h-Eilbheis
  2. Whittaker R. J. & Fernández-Palacios J. M. (2007) Island Biogeography: Ecology, Evolution, and Conservation. New York, Oxford University Press
  3. Kooperation International