[go: up one dir, main page]
More Web Proxy on the site http://driver.im/Jump to content

Brașov

O Uicipeid
Braşov
Brassó/Kronstadt
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich Romàinia
Ceàrn Județul Brașov
Co-chomharran 45° 39 00' Tuath
25° 36 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 74 km²
Àireamh-shluaigh 284,596 (2003)
Dlùths 3,845.89/km²
Àireamh fòn +40 268
Duilleag oifigeil http://www.brasovcity.ro/

'S e baile mòr ann an Romàinia a th' ann am Brașov (IPA: braˈʃov, Ungairis: Brassó, Gearmailtis: Kronstadt). Tha e suidhichte shuas air na beantann Cairp, air bruaich na h-aibhne Bârsa, às an tàinig ainm a' bhaile. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1234.

Bhuinneadh am baile dhan Phrionnsalachd Transsilvania bho 1541 gu ruige 1699.[1] Nuair a dh' iarr Rìgh na h-Ungair air na Sagsannaich gun gabhadh iad còmhnaidh ann an Transsilvania anns na meadhannan aoisean, stèidhich iad seachd bailtean daingnichte, Brașov nam measg. 'S e an adhbhar a chanar Siebenbürgen (Gàidhlig: seachd caistealan) ri Transsilvania ann an Gearmailtis.[2] B' ann ris na Gearmailtich air neo na h-Ungairich a bha Brașov fad nan linntean, gus an tug Romàinia os làimh e ann an 1922. B' ann air 4 an t-Sultain 1944 a thuit am baile gu feachdan an Aonaidh Sobhiataich. Chanadh Orașul Stalin (Gàidhlig: Baile Stalin) ris eadar 1950 agus 1960.[3]

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Gerald Volkmer, Das Fürstentum Siebenbürgen (1541-1691). Außenpolitik und völkerrechtliche Stellung], Arbeitskreis für Siebenbürgische Landeskunde Heidelberg, 2002.
  2. Harald Roth: Kleine Geschichte Siebenbürgens. Böhlau, Köhln/Weimar/Vienna, 2003.
  3. Travel to Romania
  4. Agerpres
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: