[go: up one dir, main page]
More Web Proxy on the site http://driver.im/Jump to content

Castel Gandolfo

O Uicipeid
Castel Gandolfo
Bratach a' bhaile

Suidheachadh
Dùthaich An Eadailt
Ceàrn Lazio
Co-chomharran 41° 50′ 00 Tuath
12° 39′ 00 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 14.71 km²
Àireamh-shluaigh 9,037 (2010)
Dlùths 614.34/km²
Àireamh fòn +39 0693
Duilleag oifigeil http://www.castelgandolfo.rm.it/

‘S e baile meadhanach ann am meadhan na h-Eadailt a th’ ann an Castel Gandolfo neo dìreach Castello (/kaˈstɛl ɡanˈdɔlfo/, Laideann: Castrum Gandulphi). Tha e suidhichte aig 307m os cionn ìre na mara, ri taobh Loch Albano, anns an sgìre (Eadailtis: Provincia) Roma, anns an roinn Lazio, 22km air falbh bhon An Ròimh, prìomh-bhaile na dùthcha, 310km bho Mhilano, 413km bho Phadova agus 252km bho Fhirenze.[1] Tha 9,037 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile.[2] ‘S ann às an Teaghlach Gandolfo, daoine à Lombardia san taobh a tuath na dùthcha a th an t-ainm. Thoisich Pàpa Urban VIII ri Lùchairt-samhraidh fhaighinn ann an Castel Gandolfo anns an 17mh Linn. A bharrachd air sin, ‘s e sgìre am broinn Stàitean nam Pàp ro Aonadh na h-Eadailt a bh' ann. Tha dithis phàp air bàsachadh ann an Castel Gandolfo: Pàpa Pius XII agus Pàpa Pòl VI.

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Curepipe
  • Château-neuf-du-Pape

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Distance Calculator
  2. Cunntas Sluaigh na h-Eadailt

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]