[go: up one dir, main page]
More Web Proxy on the site http://driver.im/

B' e baile agus sgìre-riaghlaidh (Spàinntis municipio) faisg air Bogotá ann an Cundinamarca, Coloimbia,[1] a bh’ ann an Sumapaz. Tha am baile a' buntainn do Bhogotá a-nis. Tha teodhachd meadhanach dhe 14˚ aige.[2] Chaidh baile a stèidheachadh an seo leis na Spàinntich ann an 1538, ann an àite far an robh clachan Tùsanach roimhe. Chaidh Sumapaz a thoirt a-steach do Bhogotá (comhla ri Bosa, Engativá, Fontibón, Subá agus Usaquén) nuair a chaidh Sgìre Shòntaichte a chur air dòigh ann an 1957 fon deachdaire Gustavo Rojas Pinilla. Bha an Riaghaltas air a bhith a' gabhail ri atharrachadh mòr airson a' phrìomh-bhaile fiù' s bliadhnachan roimhe ann an 1945,[3] ach chan fhaodadh càil a dheànamh air sàilleabh gu robh cogadh sìobhalta ann. A bharrachd air sin, tha comhstri eadar an Arm agus reubalaich an làimhe chlì air a bhith na trioblaid mhòr an seo fad còrr is 50 bliadhna.[4] Ged a tha an sgìre a' buntainn dhan bhaile as motha san dùthaich, 's fìor ghann daoine an seo o choinns cho àrd, fuar, iomallach 's a tha e. Tha fiù' s pàirc nàdarra ann.[5]

Fontibón ann an Sumapaz

Iomraidhean

deasaich
  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Municipio de Bogotá
  3. Banrepcultural
  4. El Tiempo
  5. Parques Nacionales de Colombia

Ceanglaichean A-mach

deasaich

An t-sìde ann an Sumapaz