[go: up one dir, main page]
More Web Proxy on the site http://driver.im/

B' e Rìgh na h-Alba a bha ann an Seumas III. Bhuannaich e Àrcaibh is Sealtainn ach chaill e Bearaig a Deas.

Seumas III Alba
monarc na h-Alba

3 dhen Lùnastal 1460 - 11 dhen Ògmhios 1488
Seumas II na h-Alba - Seumas IV Alba
Beatha
Breith Caisteal Sruighlea, 10 dhen Iuchar 1451
Dùthaich  Rìoghachd na h-Alba
Bàs Sruighlea, 11 dhen Ògmhios 1488
Nàdar a’ bhàis  (killed in action (en) Translate)
Teaghlach
Athair Seumas II na h-Alba
Màthair Mary of Guelders
Cèile Maighread na Danmhairg, Bànrigh na h-Alba  (dhen Iuchar 1469, 13 dhen Iuchar 1469 (Gregorian) -  14 dhen Iuchar 1486)
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Fine Taigh nan Stiùbhartach
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs
Duaisean a fhuaras
Creideamh
Creideamh Caitligeachd
Eaglais Chaitligeach

Chaidh Seumas III a chrùnadh na ghille beag ann an Abaid Kelso goirid às dèidh bàs athar, Seumas II, aig sèiste Chaisteal Rosbrog (3 an Lùnasdal 1460).

Na òige, chaidh a dhùthaich a riaghladh le tànaistearan mòra nach robh ach a-mach air an son fhèin; b' iad feadhainn de theaghlach mòr nam Bòideach a bu mhotha buaidh air an rìgh òg. Chuir iadsan am pòsadh air dòigh eadar Seumas agus Mairead dhen Danmhairg an 1469; ri linn a' phòsaidh seo, fhuair Alba sealbh air Sealtainn agus Àrcaibh a rèir tochradh Mhairead (bha na h-eileanan seo le Nirribhidh roimhe sin).

Cha robh Seumas III a-riamh measail aig muinntir na dùthcha; cha do chuir e suim ann an cumail na còrach, agus chuir e co-bhanntachd air dòigh eadar Alba is Sasainn – rud a bhiodh a' cur air a chuid uaislean, a mhiannaich cogadh leis an t-seann nàmhaid. Ghlac na feachdan Sasannach Bearaig a Deas ann an 1482.

B' fheàrr le Seumas a dhàrna mac a bu shine – Seumas, Diùc Rois – na am fear a bu shine, am prionnsa Seumas. Mu dheireadh thall, rinneadh ar-a-mach le uaislean na dùthcha, agus am prionnsa òg aig an ceann. Chaidh cath mòr a chuir aig Sauchieburn, Siorrachd Sruighlea (11 an t-Ògmhios 1488), agus chaidh Seumas III a mharbhadh.

Airson iongnadh, bha a mhac Seumas aois 15 agus ullamh gu riaghladh – rud a bha na annas airson nan Stiùbhartach, dham b' àbhaist a bhith a' fàgail naoidheanan às an dèidh.[1]

Iomraidhean

deasaich
  1. BBC - Scotland's History - James III, King of Scots”. Air a thogail 11mh dhen Ògmhios 2018.