Inírida
'S e prìomh-bhaile na roinne Guainía, ann an Coloimbia,[1] a th'ann Inírida neo Puerto Inirída anns na làithean a dh'fhalbh. Tha e suidhichte air an àirde an ear na dùthcha ri taobh inbhir na h-aibhnichean Inírida agua Guaviare, 600km air falbh bho Villavicencio. Tha àirde meadhanach dhe 100m os cionn ìre na mara aige. ‘S e baile le gnàth-shìde theth a th’ann le teodhachd meadhanach dhe 25˚, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh gu h-oifigeil ann an 1974.
Cur air cois | 1963 |
---|---|
Dùthaich | Coloimbia |
Prìomh-bhaile de | Guainía |
Sgìre riaghaltais ionadail | Guainía |
Domhan-leud is -fhad | 3°52′15″N 67°55′16″W |
Cód a’ phuist | 940001–940009 |
Làrach-lìn | http://www.inirida-guainia.gov.co/index.shtml#2 |
Freumhan an ainm
deasaich'S e ainm Tùsanach a th'ann Inirída. Tha am facal a' ciallachadh Guacamaya (seòrsa dhe flùr) a chithear ri taobh na h-aibhnichean anns an sgìre. Chuir Alexander Von Humboldt an t-ainm sin dhan inbhir a cheanglas na h-aibhnichean Orinoco, Atabapo agus Guaviare far a bheil am baile an latha an-diugh.[2]
Sluagh a' bhaile
deasaichGed a tha 17,866 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 7,046 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e Tùsanaich a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Inírida: ‘S e Tùsanaich a th’ann an 60.3%, 38.5% dhe daoine geala/mestizos agus tha 1.2% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 80.6% dhe na daoine ann an Inírida leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 18.5% dhe na dachannan.[5]
Fèisean
deasaichThathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Inírida. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Iomraidhean
deasaichCeanglaichean a-mach
deasaichArauca • Armenia • Barranquilla • Bogotá • Bucaramanga • Cartagena • Cali • Cúcuta • Florencia • Ibagué • Inírida • Leticia • Manizales • Medellín • Mocoa • Montería • Mitú • Neiva • Pasto • Pereira • Popayán • Puerto Carreño • Quibdó • Riohacha • San Andrés • San José del Guaviare • Santa Marta • Sincelejo • Tunja • Valledupar • Villavicencio • Yopal