[go: up one dir, main page]
More Web Proxy on the site http://driver.im/

'S e Am Bogotazo ùpraid a thachair ann am Bogotá an dèidh bàis tagraiche a' chinn-shuidhe Eliécer Gaitán air an 9mh latha dhen Ghiblean 1948.[1]

Upraid ann am Bogotá

Tachartasan

deasaich

Mharbh Juan Roa Sierra an tagraiche Libearalach, is chaidh esan fhèin a mharbhadh anns a’ bhad leis na daoine a bha an làthair cuideachd. Chan eil fhios aig duine sam bith carson an do rinn e sin.[2] Nochd gràisg aimhreiteach fheargach aig co-labhairt na Stàitean Aimearaganach. ‘S e toiseach a’ chuthaich a bha sin.

Bha mòran plunndrainn ann, leis gu robh an t-Arm agus Am poileas às an làthair. Ghabh na daoine aig Gaitán stèisean radio os làimh agus dh’iarr iad air Mariano Ospina Pérez an ceannas a leigeil dheth. Chan urrainn dhan cheann-suidhe aontachadh fhaighinn leis na Libearalaich airson an suidheachadh a chiùineadh is dh’fhàs a h-uile càil suidheachadh na bu mhiosa. Mu dheireadh thall, ‘s e na saighdearan a chuir smachd air an t-suidheachadh.

Bha Fidel Castro ann am Bogotá aig an àm airson chruinneachadh oileanaich le taic airgid a fhuair e bho Juan Domingo Perón, ceann-suidhe aig an àm. Chuidich Castro na Libearalaich ann an aimhreit a bha seo.

Bha am baile air a mhilleadh mar bhuil air a’ chòmhstri eadar Libearalaich agus Tòraidhean agus sgaoil am brùid gu grad a dh’ iomadach baile eile, gu seachd àraidh Medellín, Ibagué agus Barranquilla. Cha b’ urrainn dhan Arm smachd a chur air a’ bhaile ach an toir air mòran làithean dhe murt, plunndrainn agus teintean. Chaidh mu 3,000 a mharbhadh anns a’ Bhogotazo is mòran air an leòinte. A bharrachd air sin, chaidh 136 toglaichean a chur às, an Lùchairt eachdraidheil dhe San Carlos, Taigh na Cùirte agus taigh-cràbhaidh nam measg.[3]. ‘S e toiseach àm na Brùidealachd (Spàinntis: La Violencia) a bh' ann am Bogotazo cuideachd.

Iomraidhean

deasaich
  1. Perspective Monde
  2. Se cumplen 60 años del asesinato en Bogotá de Jorge Eliécer Gaitán TeleSUR
  3. Perspective Monde
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: