[go: up one dir, main page]
More Web Proxy on the site http://driver.im/Jump to content

George Mackay Brown

O Uicipeid
George Mackay Brown
Beatha
Breith Stromness, 17 dhen Dàmhair 1921
Dùthaich  Alba
Bàs Stromness, 13 dhen Ghiblean 1996
Foghlam
Foghlam Oilthigh Dhùn Èideann
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd bàrd, fèin-bheatha-eachdraiche, sgrìobhadair agus sgrìobhaiche-dràma
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
Creideamh
Creideamh Eaglais Chaitligeach
IMDb nm1202108

B' e sgrìobhadair à Arcaibh a bha ann an George Mackay Brown.

Bha e ainmeil airson a bhàrdachd, a nobhailean, agus a sgeulachdan ghoirid.

Rugadh e ann an Stromness. B' e bana-Ghàidheal à Cataibh a bh' ann a mhàthair. Chuir e seachad a bheatha ann an Arcaibh ach deich bliadhna nuair a bha e na oileanach aig Colaiste Abaid a' Bhatail Nuaidh ann an Dail Chè far an robh Edwin Muir na mhaor agus ann an Oilthigh Dhùn Èideann far an do dh'ionnsaich e Beurla. Thill e do Arcaibh ann an 1961 far an do dh'obair e mar sgrìobhadair. Thug e cuideachd na Chaitligeach ann an aon bliadhna.

Dh'fhoillsich e a' chiad chruinneachadh de bhàrdachd, The Storm, ann an 1954.

Fhuair e an OBE ann an 1974.[1] Bhuannaich The Golden Bird an Duais James Tait Black airson ficsean ann an 1987. Bha Beside the Ocean of Time na Leabhar Albannach na Bhliadhna ann an 1994 agus air an liosta goirid na Duaise Booker.

Foillseachaidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Greenvoe (1972)
  • Magnus (1973)
  • Time in a Red Coat (1984)
  • The Golden Bird: Two Orkney Stories (1987)
  • Vinland (1992)
  • Beside the Ocean of Time (1994)

Cruinneachaidhean de bhàrdachd

[deasaich | deasaich an tùs]
  • The Storm (1954)
  • Loaves and Fishes (1959)
  • The Year of the Whale
  • Fishermen with Ploughs
  • Winterfold
  • Voyages
  • The Wreck of the Archangel

Cruinneachaidhean de sgeulachdan goirid

[deasaich | deasaich an tùs]
  • A Calendar of Love
  • A Time to Keep
  • Hawkfall
  • The Sun's Net
  • Andrina
  • The Masked Fisherman
  • The Sea-king's Daughter
  • Winter Tales

Dealbhan-cluich

[deasaich | deasaich an tùs]
  • A Spell for Green Corn
  • Three Plays
  • A Celebration for Magnus

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. http://www.bbc.co.uk/programmes/profiles/57Vz7BB367BxpBcts30x0CX/george-mackay-brown