[go: up one dir, main page]
More Web Proxy on the site http://driver.im/Jump to content

Archer Martin

O Uicipeid
Archer Martin
Beatha
Breith Lunnainn, 1 dhen Mhàrt 1910
Dùthaich  Rìoghachd Aonaichte
 Rìoghachd Aonaichte na Breatainne Mòire agus Èireann  12 dhen Ghiblean 1927)
Bàs Llangarron (en) Translate, 28 dhen Iuchar 2002
Teaghlach
Cèile Judith Bagenal (en) Translate  (1941 -
Foghlam
Foghlam Peterhouse (en) Translate
Bedford School (en) Translate
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd bith-cheimigear, ceimigear agus neach-teagaisg oilthigh
Fastaichean Oilthigh Chambridge
Eindhoven University of Technology (en) Translate  (1964 -
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
Ballrachd An Comann Rìoghail

B' e ceimigear à Sasainn a bha ann an Archer Martin (Lunnainn 1 am Màrt 1910Llangarron 28 an t-Iuchar 2002). Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1952,[1] còmhla ri Richard Synge air sgàth 's gun do dh'innlich iad cròmatografaidh pàirteachaidh, dòigh na h-anailis far an tèid na co-phàirtean a sgaradh a-rèir an sgaoilteachd.[2]

Rugadh e ann an Lunnainn is dh'fhulaing e le doille-fhaclan nuair a bha e glè òg. Dh'ionnsaich e bith-cheimigeachd aig Oilthigh Chambridge is rinn e a dhotaireachd an siud. Nuair a dh'obraich e airson Comann Rannsachadh Gnìomhachas na Clòimhe ann an Leeds, dh'innlich e cròmatografaidh pàirteachaidh. Dh'imrich e gu Boots ann an Nottingham, far an robh e na cheannard roinn bith-cheimigeachd, ann an 1946, is do Chomhairle Rannsachaidh Mheidigeach ann an 1948. Thill e gu gnìomhachas ann an 1959 nuair a chaidh e na stiùiriche Abbotsford Laboratories. Chaochail e ann an 2002.[3]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. The Nobel Prize in Chemistry 1952”. Nobel Media AB. Air a thogail 30mh dhen Dùbhlachd 2017.
  2. McNaught, A. D. is Wilkinson, A.:“Compendium of Chemical Terminology, 2nd ed. (the "Gold Book").”. IUPAC. Air a thogail 28mh dhen Iuchar 2018.
  3. Archer Martin”, Daily Telegraph. 3s dhen Lùnasdal 2002. Air a thogail 28mh dhen Iuchar 2018.