[go: up one dir, main page]
More Web Proxy on the site http://driver.im/Jump to content

Cuacos de Yuste

O Uicipeid
Cuacos de Yuste
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Cáceres
Sgìre Extremadura
Co-chomharran 40° 06' 30 Tuath
05° 43' 22 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 52.6 km²
Àireamh-shluaigh 851 (2020)
Dlùths 16.18/km²
Àireamh fòn + 00 927
Duilleag oifigeil http://www.cuacosdeyuste.es/

'S e baile beag faisg air Plasencia, air an àirde an iar na Spàinne, suidhichte aig 519m os cionn ìre na mara, 's a th' ann an Cuacos de Yuste (seann ainm: San Yuste). Tha am baile rim faotainn ri taobh na h-Aibhne Cuacos. 'S ann ann an roinn Cáceres, ann an Extremadura a tha e. Chan eil ach 851 daoine a’ fuireach anns a' bhaile an latha an-diugh.[1] 'S ann crochte 's air turasachd agus àiteachas 's a tha eaconomaidh a' bhaile, gu seachd-àraidh fìogaisean, piobaran-tiolaidh, sirisean, tombaca agus sùbhan-lìn.

'S ann ainmeil san Spàinn 's a tha Cuacos de Yuste, leis gun do chaochail Teàrlach V, Iompaire Naomh Ròmanach le mailèiria agus guta san abaid an seo ann an 1558.[2] Chaidh an abais a stèidheachadh ann an 1408. Tha gach uile Gearmailteach a chaochail fo armachd san Spàinn sa Chogadh Mhòr agus An Dàrna Cogadh - 180 dhuibh air fad - air adhlacadh ann an cladh sònraichte ann an Cuacos de Yuste.[3] Chaidh an cladh dhealbhadh ann an 1979.

Àireamh-sluaigh

[deasaich | deasaich an tùs]

Mar iomadh sgìre dhùthaich a-staigh san tìr anns an Spàinn, tha dì-dhaoineachadh na thriobaid ann an Cuacos de Yuste. Bha 1,440 duine a' fuireach an ron Chogadh Sìobhalta.[4]

Bliadhna 1981 1991 2001 2011 2017
Muinntir 1034 975 949 897 851

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Cunntas-sluaigh na Spàinne
  2. Viajar por Extremadura
  3. La República
  4. INE

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]