Soria
Soria
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Soria | ||||
Sgìre | Castilla y León | ||||
Co-chomharran | 41° 30' 56' Tuath 05° 44' 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 271.77 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 39,168 (2009) | ||||
Dlùths | 144.12/km² | ||||
Àireamh fòn | + 34 975 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
’S e baile meadhanach faisg air Logroño ann an cridhe na Spàinne a th’ ann an Soria (IPA: soɾja). Tha e suidhichte aig 1,065m os cionn ìre na mara,[1] 227km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 466km bho Bharcelona.[2] Tha 39,168 daoine a’ fuireach ann an Soria.[3] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Soria a th’ann cuideachd.
Freumhan an ainm
'S ann connspaideach 's a tha freumh-fhaclachd an ainm. Tha cuid dhen bheachd gur ann à ainm na h'aibhne Duero (Durius ann an Laideann), a tha a' sruthadh tron bhaile. Le sin, dh'atharraicheadh an d gu s fad nan linntean, às aonais an co-fhuaimreag ue anns an Spàinntis.[4] A dh'aindeoin sin, tha cuid eile a' cantainn nach eil an t-ainm idir nas aosda na na meadhan aoisean agus gur mathaid gur ann à so (Gàidhlig: Tùr na Faire) agus ura (Gàidhlig: abhainn) ann am Basgais. Tha teòiridh eile ann a chanas gu robh baile ann o chionn fhada air an robh Oria - bhon ainm Dorios ann an Greugais - a thug ainm dhan sgìre, ged nach eil ach glè bheag de dhaoine a tha a' gabhail ri sin an latha an-diugh.
Eachdraidh
B' e na h-Ibearaich o shean a stèidhich am baile. Cuairtich na Ròmanaich e agus thug na daoine ùthachd asta fhèin gus tràilleachd a sheachnadh. Ann an 1492 dh' adhbhraich èigheachd rìoghail an aghaidh nan Iùdhach sgrios air eaconomaidh a' bhaile.Mar a b’àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[5] Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936.[6]
Cruinn-eòlas
A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Soria.[7] Cha tuit ach 512mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 756mm nas lugha na Steòrnabhagh - leis gur e àite àrd, tioram a th' annː
Bailtean Co-cheangailte
Iomraidhean
- ↑ Aemet
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Cunntas-sluaigh na Spàinne
- ↑ Martínez Hernando M.C., Los Orígenes de la ciudad de Soria
- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Hurtado V., La Sublevación, 2010, Barcelona: DAU. ISBN 978-84-936625-6-1
- ↑ Aemet
- ↑ Femp