Schwyz
Coltas
Schwyz
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Eilbheis | ||||
Roinn Eilbheiseach | Schwyz | ||||
Cànan | Gearmailtis | ||||
Co-chomharran | 47° 01 00′ Tuath 08° 39 00′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 53.25 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 14,423 (2010) | ||||
Dlùths | 270.85/km² | ||||
Àireamh fòn | + 41 41 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.gemeindeschwyz.ch |
‘S e baile ann an cridhe na h-Eilbheis a th’ ann an Schwyz (IPA: ʃvi:ts, Fraingis: Schwytz, Eadailtis: Svitto, Rumantsch: Sviz). Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 972 mar Switz.[1] Tha e suidhichte aig 564m os cionn ìre na mara[2] aig bun na Beinne Mythen, eadar na Lochan Lauerzersee agus Vierwaldstättersee, anns an roinn (Gearmailtis: Kanton) Schwyz fhèin, dìreach 39km air falbh bho Zürich, 210km bho Ghenève agus 91Km bho Bhern, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] Tha 14,423 duine a’ fuireach anns a’ bhaile, an 82mh baile na dùthcha a-rèir àireamh-sluaigh.[4] ‘S e Gearmailtis an cànan a tha aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Schwyz.
Daoine Ainmeil
- Alois von Reding (1765 – 1818): Saighdear.
- Meinrad Inglin (1893 – 1971): Sgrìobhadair.
- Hermann Ferdinand Schell (1900 – 1972): Sgrìobhadair.